COMHARRADH NA CROISE
SIGN OF THE CROSS
An ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen
URNAIGH AN TIGHEARNA
A’PHAIDIR
THE LORD’S PRAYER
OUR FATHER
Ar n-Athair, a tha air neamh,
gum bu naomh a bhios t’ainm ;
gun tigeadh do rioghachd,
gun deanar do thoil air talamh
mar a thathas ga deanamh air neamh.
Thoir dhuinn an diugh ar n-aran lathail
math dhuinn ar fiachan,
mar a mhathas sinne do luchd ar fiach.
Agus na leig ann am buaireadh sinn.
Ach saor sinn bhon olc. Amen.

BEANNACHADH MOIRE
HAIL MARY
Failte dhut, a Mhoire,
tha thu lan de na grasan
tha an Tighearna maille riut
is beannaichte thu am measg nam mna,
agus is beannaichtc toradh do bhronn, Iosa.
A Naomh Mhoire, a Mhathair Dhe,
guidh’ air ar sonne na peacaich
a nis agus aig uair ar bais. Amen.

GLOIR DON ATHAIR
GLORY BE TO THE FATHER
Gloir don Athair,
agus don Mhac,
agus don Spiorad Naomh.
Mar a bha, ‘s mar a tha, ‘s mar a bhitheas,
fad shaoghal nan saoghal. Amen.
GNIOMH CREIDIMH
ACT OF FAITH
O mo Dhia,
tha mi creidsinn annad, agus anns a h-uile ni a tha D’eaglais a teagasg, a chionn ‘s gun tuirt Thu e agus gur fior D’fhacal.
GNIOMH DOCHAIS
ACT OF HOPE
O mo Dhia,
tha mo dhochas unnad air son gras is gloir, a thaobh Do gheallaidhean, Do throcair, agus Do chumhachd.
GNIOMH GRAIDH
ACT OF LOVE
O mo Dhia,
a chionn ‘s gu bheil Thu cho math, tha mi a ‘toirt gaoil Dhuit le m’uile chridhe, agus air do sgath-sa tha mi a’ toirt gaoil dham choimhearsnach mar dhomh fhin.
TOBHARTAS MAIDNE
MORNING OFFERING
O Iosa, troimh chridhe gun smal Moire, tha mi a’ tairgsinn Dhuit m’urnaighean, m’oibrichean, agus mo sholasan air an latha ‘n diugh air son uile bheachdan Do chridhe uile-naomh, agus gu h-araid air son beachd ar n-athar naomh am Papa.
CREUD NAN OSTAL
APOSTLES’ CREED
CREIDEAM ann an Dia, an t-Athair uile-chumhachdach, Cruthadair neimh agus talmhuinn. Agus ann an Iosa Criosda, ‘aon Mhac-san, ar Tighearna ; a ghineadh leis an Spiorad Naomh, a rugadh le Moir’ Oigh, a dh’fhuilig fo Phontius Pilat, a cheusadh, a fhuair bas, is a thiodhlaiceadh; a chaidh sios a dh’ifrinn, a dh’eirich an treas latha bho an mairbh; a chaidh suas air neimh. a tha na shuidhe air deas laimh Dhe an t-Athair uile-chumhachdach ; a sin thig e rithis a thoirt breitheanais air bheo is air mhairbh. Creideam anns an Spiorad Naomh,, an Eaglais naomh Chaitliceach, co-chomann nan Naomh, mathanas nam peacannan, aiseirigh na colainne, is a’ bheatha shiorraidh. Amen.
GNIOMH AITHREACHAIS (FADA)
ACT OF CONTRITION – LONG
O mo Dhia,
dha bheil mi a’ toirt gaoil os cionn gach nì, tha mi duilich bho ghrunnd mo chridhe gun do chuir mi mì-thlachd riamh ort lem pheacannan. Le còmhnadh do ghràs, tha mi a’ cur romham a seo suas gun seachainn mi gu ro-chùramach a h-uile peacadh agus a h-uile ceann-adhbhar a’ pheacaidh. Amen.
GNIOMH AITHREACHAIS (GOIRID)
(ACT OF CONTRITION – SHORT)
O mo Dhia,
a chionns gu bheil thu cho math, tha mi duilich gun do pheacaich mi nad aghaidh, agus le comhnadh do ghrasan cha pheacaich mi tuilleadh. Amen.
FAILTE DHUT A BHANRUINN
HAIL HOLY QUEEN
Failte dhut a Bhanruinn, a Mhathair na trocaire, ar beatha ar solas, is ar dochas, failte ort. Riutsa tha sinne, sliochd seachranach Eubha, a togail ar gutha. Riutsa tha sinn ag osnaich, a caoidh is ag acain, ann an gleann so nan deur. Thoir, mata, iuchair nan gras, suil fhial oirne. Agus an deidh dhuinn a chein- thir seo fhagai1, feuch dhuinn toradh beannaichte do bhronn, losa. O Mhoire Oigh bhaidheil, ghradhach chaomh!
Guidh’ air ar son, a Mhathair Naomh Dhe.
Los gun toill sinn gealladh Chriosda.
Amen.

SUB TUUM PRAESIDIUM
WE FLY TO THY PATRONAGE
Tha sinn a ruith fod dhion, a Mhathair naomh Dhe, na diult ar n-iarrtas an am ar feuma ; ach saor sinn daonnan bho gach cunnart, ‘Oigh ghlormhor agus bheannaichte.
MEMORARE
CUIMHNEACH a Mhoir’ Oigh uile chaomh, nach cualas riamh gun deachaidh aon sam bith a ruith fod dhion, a ghrios do chomhnadh, agus a dh’iarr t-eadarghuidhe, a threigsinn. A’ glacail misniche is earbsa a seo tha mise ‘Oigh nan oighean, a’ ruith gad ionnsuidh, A Mhathair, gud ionnsaidh tha mi a tighinn, agus a caoidh mo pheacannan ‘nad lathair. A Mhathair Iosa, na cuir suarach mo bhriathran, ach eisd gu trocaireach agus freagair m’achanaich. Amen.