A’CHONAIR MHOIRE/ THE ROSARY

The Rosary is an extremely popular devotion with Catholics. It has a very long, very varied and very complicated history. It is both a vocal and mental prayer. It consists of 15 decades of Hail Marys, each decade preceded by an Our Father and a Glory be to the Father and accompanied by a meditation called a mystery. The 15 mysteries focus on the Incarnation, the suffering of Christ and glorification of Christ. They are a compendium of the life and work of Jesus and a summary of the Liturgical year. Nowadays the Rosary is divided into 3 parts each containing 5 decades and it is the custom to pray only one part at a time. The three parts are the Joyful mysteries, the Sorrowful mysteries and the Glorious mysteries.

A CHONAIR MHOIRE

THE ROSARY

An ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen.

Fosglaidh tusa, a Thigheama, mo bheul.

Agus bheir mo theanga cliu dhut.

Dean cobhair orm, O Dhia.

A Thighearna, greas gum chuideachadh.

Gloir don Athair. agus don Mhac, agus don Spiorad Naomh.

Mar a bha, is mar a tha, is mar a bhitheas, fad shaoghal nan saoghal. Amen

A CHEUD EARRANN

THE FIRST PART

Na coig ruin Aoibhneach, ri an gabbail a h-uile Diluain is Diardaoin Di-domhnaich ‘San Aidbhein agus an deidh Latha nan tri Righrean gu Carghus.

The five joyful mysteries are to be said each Monday and Thursday and Sundays in Advent, and Christmastide up until Lent.

1. TEACHDAIREACHD AN AINGIL

THE ANNUNCIATION

SMAOINICHAMAID anns an run dhioimhair so gun do chuir an t-Aingeal Gabriel failte air an Oigh bheannaichte leis na briathran so, Tha thu lan de na grasan. agus gun do dh’innis e dhi gun robh ar Tighearna Iosa Criosda a dol a ghabhail colunn daonda.

Ar n-Athair, a tha air neamh, &c., aon uair.

Failte dhut, a Mhoire, &c., deich uairean.

Gloir don Athair, &c., aon uair.

II. TURUS MOIRE GU A BANA-CHARAID BAN-NAOMH EALASAID

MARY VISITS HER KINSWOMAN ELIZABETH

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair seo gun deachaidh an Oigh bheannaichte Moire, is air cluinntinn bhon Aingeal gun do ghabh a bana-charaid Ban-naomh Ealasaid sliochd, air a h-adhart gu luath gu beanntan Iudea a dh’amharc oirre, agus gun do dhfhuirich i comhla rithe tri miosan.

Ar n-Athair, &c.

111. BREITH IOSA ANN AM BETHLEHEM

JESUS IS BORN IN BETHLEHEM

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so gun d’rug an Oigh bheannaichte Moire ‘san am fhreagarrach dhi, ar Slanuighear Iosa Criosda mu mheadhon-oidhche. agus gun do chuir i anns a phrasaich e, a thaobh is nach robh aite dha anns na tighean.

Ar n-Athair, &c.

IV. IOSA AIR A THAIRGSINN ‘SAN TEAMPULL.

JESUS IS PRESENTED IN THE TEMPLE

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so gun do thairg an Oigh bheannaichte Moire, air latha a glanaidh a reir an lagha, an leanabh naomh Iosa anns an Teampull; far an d’thugNaomh Simeon taing do Dhia gu ro-chrabhach, is a ghabh e air a ghairdean e.

Ar n-Athair, &c.

V. FHUARAS IOSA CRIOSDA ‘SAN TEAMPULL.

JESUS IS FOUND IN THE TEMPLE

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so gun d’fhuair an Oigh bheannaichte Moire, an deidh sireadh tri latha le bron, a Mac gaolach, a chaill i gu neo-chiontach, ‘san teampull am meadhon nan ollamh, a reusanachadh riutha, ‘na dha bhliadhn deug a dh’aois.

Ar n-Athair, &c.

Criochnichear gach earrann mar a leanas:

The Rosary is completed with the following prayers.

FAILTE dhut, a Bhanruinn…………..

Deanamaid urnuigh.

A DHIA, a cheannaich coir dhuinn air duais shiorruidh le beatha, bas, is aiseirigh t’aon Mhic ionmhuinn thugas dhuinn a tha a beachdachadh air na ruin dhiomhair a tha san urnuigh so, gun lean sinn an seoladh, is gun faigh sinn an gealltanas. Tro losa Criosda. ar Tighearna. Amen.

AN DARNA EARRANN.

THE SECOND PART

Na coig Ruin Dhoruinneach, ri an gabhail a h-uile Di-mairt is Di-haoine agus air di-Domhnaich anns a Charghus.

The five sorrowful mysteries are to be said on each Tuesday and Friday and on Sundays in Lent.

1. URNAIGH IS FALLUS-FALA CHRIOSDA ANNS A GHARADH.

THE PRAYER AND AGONY OF JESUS IN THE GARDEN

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so mar a bha Iosa Criosda ar Tighearna, fo dhoruinn cho trom ann an garadh Ghethsemane, is gun robh fallus-fala a fasgadh troimh a choluinn naoimh, agus a sruthadh gu lar.

Ar n-Athair, &c.

11. SGIURSADH IOSA AIG A PHOSTA

JESUS IS SCOURAGED AT THE PILLAR

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so mar a chaidh Iosa Criosda ar Tighearna, mun deachaidh a liubhairt do na h-Iudhaich gu a bhi air a cheusadh. a sgiursadh go goirt aig a phosta aig taigh Philait.

Ar n-Athair, &c.

III. CRUN DROIGHINN AIR A CHUR AIR CEANN CHRIOSDA

JESUS IS CROWNED WITH THORNS

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so mar a ghabh an sluagh gun iochd, gun bhaidh, an droigheann geur, agus an deidh crun a dheanamh dheth, sparr iad e gun athadh air ceann beannaichte Iosa Criosda ar Tighearna.

Ar n-Athair, &c.

IV. IOSA A’ GIULAN NA CROISE

JESUS CARRIES HIS CROSS

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so gun do ghiulain Iosa Criosda ar Tigheama a chrois a chuireadh air a ghuaillean creuchdach agus gun do dh’imrich e i cuideachd le mor fhaighidinn, air a thruimead is gun robh i, agus air a mheud is gun robh a taire.

Ar n-Athair, &c.

V. IOSA AIR A CHEUSADH

JESUS IS CRUCIFIED

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so nach luaithe a rainig ar Slanuighear Iosa Criosda beinn Chalbhari, na chaidh aodach a spionadh dheth agus a lamhan is a chasan naomha a thairgneachadh gu teann agus gu piantail ri fiodh na croise ann am fianuis a Mhathar bhronaich.

Ar n-Athair, &c.

AN TREAS EARRANN

THE THIRD PART

Na coig ruinn Ghlormhor, ri an cantainn a h-uile Di-Ceudaoin is Di-Sathairn; agus air Di-Domhnaich bho Chaisg gus an Aidbhein.

The five glorious mysteries are to be said on each Wednesday and Saturday and on Sundays from Easter to Advent.

1. AISEIRIGH CHRIOSDA

THE RESURRECTION OF CHRIST

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so gun do dh’eirich ar Tighearna Iosa Criosda gu cumhachdach is gu glormhor air an treas latha bho bhas gu beatha, is gu bheil e a so suas os cionn gath a bhais, is guin peine.

Ar n-Athair. &c.

II. DEASGHABHAIL IOSA CRIOSDA.

THE ASCENSION OF JESUS

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so gun deachaidh ar Slanuighear Iosa Criosda an ceann da fhichead latha an deidh Aiseirigh, suas gu neamh, air a chuairteachadh leis na h-Ainglean. ann an laithair a Mhathar naoimhe, nan Ostal agus nan deisciobul, a bha ag amharc air le mor-ioghnadh.

Ar n-Athair. &c.

111. TIGHINN AN SPIORAID NAOIMH AIR AN H-OSTAIL.

THE COMING OF THE HOLY SPIRIT ON THE APOSTLES

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so gun do chuir Iosa Criosda, an deidh dha suidhe air 1aimh dheis Dhe, an Spiorad Naomh a nuas air na h-Ostail, mar a gheall e; agus iad ‘san am maille ri Moire ann an Ierusalem ri urnuigh is ri crabhadh gu dian, a feitheamh ri tighinn an Spioraid Naoimh an Comhfhurtair.

Ar n-Athair. &c.

IV. AN OIGH BHAINNAICHTE A GABHAIL SEILBH AM FLATHANAS

THE ASSUMPTION OF OUR LADY INTO HEAVEN

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so gun deachaidh an Oigh ghlormhor Moire,an ceann da bhliadhn’ deug an deidh Aiseirigh a Mic, suas do fhlathanas as an t-saoghal so le urram mor agus gloir air a cuairteachadh le feachdan Ainglean.

Ar n-Athair. &c.

V. CRUNADH NA H-OIGH MOIRE.

THE CROWNING OF OUR LADY AND THE GLORY OF THE SAINTS

SMAOINICHEAMAID anns an run dhiomhair so gun do chuir a Mac cumhachdach, an lathair comh-thional aobhach nan Naomh is nan Aingeal, crun na glorach a baille is a bu ghile air ceann na h-Oighe beannaichte Moire Mathair Dhe.

Ar n-Athair. &c.

 

The five luminous mysteries

Na còig rùin-dhìomhair sholasach

A’ chiad rùn solasach: Bàisteadh an Tighearna. (1st mystery; Baptism of the Lord)

Smaoineachamaid anns an rùn-dhìomhair seo mar a chaidh Crìosda a bhàisteadh anns an abhainn Iòrdan, is an Spiorad Naomh a’ tighinn a nuas air mar chalman, agus mar a chualas guth an Athar bho neàmh ag ràdh, “Is e seo mo Mhac ionmhainn – èistibh ris.”

(Let us contemplate in this mystery how Christ was baptised in the River Jordan and the Holy Spirit came down on Him as a dove, and the voice of the Father was heard from heaven saying, “This is my beloved Son – listen to Him”)

An dàrna rùn solasach: A’ bhanais an Cana. (2nd mystery: the wedding at Cana)

Smaoineachamaid anns an rùn-dhìomhair seo mar a bha Crìosda agus a’ Mhàthair naomh aig banais ann an Cana Ghalile agus gum faca na daoine a bha an làthair a’ chiad mhiorailt a rinneadh leis tro eadar-ghuidhe a’ Mhàthar naoimhe.

(Let us contemplate in this mystery how Christ and His Holy Mother were at a wedding in Cana and how those present witnessed His first miracle at the intercession of His Holy Mother.)

An treas rùn solasach: ballartachd na rìoghachd. (3rd mystery: proclamation of the Kingdom)

Smaoineachamaid anns an rùn-dhìomhair seo mar a theagasg Crìosda sluagh mòr air bheinn slìghe na naomhachd agus na fìreantachd, a’ foillseachadh dhaibh brìgh an t-soisgeul.

(Let us contemplate in this mystery how Christ taught a large crowd on a hill the way of holiness and truth, revealing to them the essence of the Gospel.)

An ceathramh rùn solasach: cruth-atharrachadh Chrìosda. (4th Mystery: the Transfiguration)

Smaoineachamaid anns an rùn-dhìomhair seo mar a chaidh Crìosda suas air beinn maille ri Peadar, Seumas agus Eoin, agus mar a chaidh a chruth atharrachadh nan làthair is E a’ bruidhinn le Maois agus Elia ann an glòir nam Flathas.

(Let us contemplate in this mystery how Christ went up a hill with Peter, James and John and was transfigured in their presence, as He spoke with Moses and Elijah in the glory of heaven.)

An còigeamh rùn solasach: stèidheachadh Suipear and Tighearna. (5th mystery: the Institution of the Eucharist)

Smoineachamaid anns an rùn-dhìomhair seo mar a chruinnich Crìosda a dheisciobail air an oidhche mus do bhàsaich E, agus gun do dh’fhàg E aca Sàcramaid a’ Chuirp agus ‘Fhala los gum biodh E maille riutha gu bràth mar a gheall E, gu deireadh an t-saoghail.

(Let us contemplate in this mystery how Christ gathered His disciples on the night before He died and how He bequeathed to them the Sacrament of His Body and Blood so that He might be with them for all time, as He promised, to the end of the world.)

(with thanks to Fr. Ross Crichton for the translation of the luminous mysteries of the rosary)